BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Brexit

Thòisich an t-Aonadh Eòrpach air cùis-lagha an aghaidh na Rìoghachd Aonaichte mun phlana fon seachnadh Breatainn pàirt de dh'Aonta Bhrexit ris an do chuir i a h-ainm anns an Fhaoilleach. Tha an EU ag iarraidh air Riaghaltas Bhreatainn cur às do dh'earrainnean connspaideach ann am Bile na h-In-mhargaidh ris an do ghabh Taigh nan Cumantan a' bhòn-dè. A dh'aindeoin sin tha còmhraidhean malairt a' dol air adhart fhathast anns a' Bhruiseil eadar an Rìoghachd Aonaichte agus an EU.

Circuit Breaker

Thuirt Stiùiriche Clinigeach na h-Alba, an t-Oll. Jason Leitch, ged a tha an Riaghaltas a' beachdachadh air "Circuit Breaker" mar a theirear ris airson smachd a chur air Covid-19, nach eil iad aig an ìre sin fhathast. Bidh ath-sgrùdadh trì-seachdainneach a' Choròna-bhìorais aig Nicola Sturgeon an-diugh fhathast, ach le àireamhan ag èirigh chan eil dùil ri atharrachadh sam bith anns na riaghailtean. Bha seachd bàis ann an-dè an Alba - an t-àrdachadh làitheil as motha bhon Ògmhios.

Uibhist

'S e 24 an cunntas dearbhte mu dheireadh air cùisean a' Choròna-bhìorais eadar Uibhist a Deas agus Èirisgeigh. Tha sin suas 2 air àireamh an là an-dè, agus tha sin an dèidh faisg air 200 deuchainn san sgìre. Tha trì sgoiltean ann an Uibhist air fosgladh a-rithist an-diugh, ach tha Sgoil Dhalabroig agus Sgoil Lionacleit gu bhith dùinte airson trì seachdainnean eile, gu an dèidh saor-làithean na Dàmhair.

Merseyside

Thig riaghailtean nas cruaidhe air sgìre Mherseyside an-diugh fhathast an dèidh àrdachaidh mhòir ann an àireamhan a' Choròna-bhìorais an sin. Tha sin a' ciallachadh gum bi mun treas cuid de Bhreatainn gu lèir fo riaghailtean ùra aig ìre air choireigin ro a-nochd.

Loch Abar

Tha dragh air muinntir Loch Abair nach tèid ospadal ùr a thogail anns a' Ghearasdan air an deach bruidhinn an toiseach bho chionn 20 bliadhna. Chuir ceathrar às an sgìre, dithis dhotairean nam measg, litir gu Cathraiche Bhòrd Slàinte na Gàidhealtachd a' faighneachd carson a tha dàil anns a' phròiseact. Thuirt Bòrd na Slàinte gun tàinig orra, ri linn Chovid-19, cuid de phròiseactan a chur an dàrna taobh.

Derek MacAoidh

Tha seann Rùnaire Ionmhais na h-Alba, Derek MacAoidh, air a bhith a' cur airson chosgaisean còmhnaidh ann an Dùn Èideann ged nach do ghabh e pàirt ann an obair na Pàrlamaid bho dh'fhàg e a dhreuchd bho chionn seachd mìosan. Mar bhall fhathast ann am Pàrlamaid na h-Alba, tha cead aige air cosgaisean còmhnaidh iarraidh, ach cha do ghabh e pàirt ann an obair na Pàrlamaid bho chuir e bhuaithe a dhreuchd an dèidh aideachadh gun do chuir e teachdaireachd air meadhanan sòisealta gu balach 16 bliadhna de dh'aois.