BBC Naidheachdan

Maoineachadh do dh'Ionad Àird Chatain

Tha a' choimhearsnachd ann an Àird Chatain faisg air an Òban air a bhith soirbheachail ann a bhith a' faighinn taic-airgid, luach còrr is ceud gu leth mìle not bho Stòras Fearainn na h-Alba airson seann sgoil agus taigh na sgoile a cheannach dhan choimhearsnachd.

Tha planaichean aca airson "hub" coimhearsnachd a dhèanamh den sgoil, a th' air a bhith dùinte 'son 6 bliadhna.

Tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris.