BBC Naidheachdan

Leasannan pìobaireachd

Thòisich teagasg pìobaireachd ann an sgoiltean Uibhist is Bharraigh a-rithist, grunn mhìosan bhon a chuir an coròna-bhìoras stad air leasannan. Bidh cuisean rud beag eadar-dhealaichte do chuid de luchd-ionnsachaidh ge-tà, agus naoi gnìomhachasan ionadail air tighinn còmhla airson feadain eileagtronaigeach a' cheannach dhaibh. Chan eil anail a dhìth airson na feadain a chluich, agus tha iad tòrr nas fhasa an glanadh às dèidh làimh, mar a tha Shona NicDhòmhnaill ag aithris: