BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Àireamhan

Thèid àireamhan a' Choròna-bhìorais airson na seachdain a chaidh seachad fhoillseachadh an-diugh agus àrdachadh mòr ann an cùisean dearbhte. Bha 806 cùis ùr an Alba an-dè, agus 7,143 cùis air feadh Bhreatainn. Sin an t-àrdachadh làitheil as motha fhathast, ged a tha mòran a bharrachd dheuchainnean ann a-niste, na bh' ann as t-Earrach. Bidh coinneamh naidheachd aig a' Phrìomhaire, Boris Johnson, an-diugh, agus aig Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon.

Uibhist

'S e 22 chùis den bhìoras air a bheil dearbhadh ann an Uibhist a Deas a rèir an fhiosrachaidh bho NHS nan Eilean Siar an-raoir. Tha an t-ùghdarras slàinte ag ràdh, le fianais gu bheil e a-niste a' gluasad bho dhuine gu duine, gum bi an àireamh sin nas motha, ged nach eil iad fhathast, thuirt iad, a' dèiligeadh ri sgapadh. Tha dùil ri co-dhùnadh an-diugh cuideachd, air am bi sgoiltean Uibhist a' fosgladh a-rithist a-màireach.

Cumhachdan Èiginneach

Bidh bhòt ann an Taigh nan Cumantan an-diugh fhathast air am bu chòir leudachadh air an cumhachdan èiginneach a th' aig Riaghaltas Westminster airson dèiligeadh ris a' Choròna-bhìoras ann an Sasainn. Tha an Riaghaltas ag ràdh gum feum cead a bhith aca a bhith a' gluasad gu h-aithghearr, ach tha reubaltaich Thòraidheach am measg na tha a' maoidheadh gun tèid iad an aghaidh an Riaghaltais, agus iad ag iarraidh tuilleadh sgrùdaidh.

Aillse Broillich

Tha dragh air a' charthannas Breast Cancer gu bheil suas ri millean boireannach air feadh Bhreatainn nach d' fhuair sgrùdadh airson aillse broillich nuair a sguir an t-seirbheis anns an Lockdown. Tha e coltach gu bheil mu 80,000 boireannach an Alba anns na t-suidheachadh sin. Thòisich an t-seirbheis ann an Alba a-rithist bho chionn còrr is mìos.

Trump vs Biden

'S e còmhradh gu math nimheil a bha eadar Dòmhnall Trump agus Joe Biden anns a' chiad deasbad telebhisein ann an iomairt taghaidh a' Chinn-suidhe sna Stàitean Aonaichte. Cha leigeadh iad le chèile bruidhinn, agus thilg iad mì-mhodh air a chèile nuair a chaidh an ceasnachadh air diofar chùisean mar an Coròna-bhìoras, an eaconomaidh, seirbheisean slàinte agus gràin-cinnidh.

An t-Ath Leathann

Tha dùil gun tèid bun-sgoil ùr san Ath Leathann dhan phrìomh àite air liosta Comhairle na Gàidhealtachd airson sgoiltean ùra. Sin an liosta a bhios a' Chomhairle a' cur gu Riaghaltas na h-Alba nuair a tha iad ag iarraidh airgid chalpa. Thèid moladh do choinneimh shònraichte aig a' Chomhairle a-màireach gabhail ri pròiseact a chosgadh mu £11m airson làrach air am biodh bun-sgoil, sgoil-àraich, leabharlann agus ionad sheirbheisean na Comhairle.