BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Covid Uibhist

Tha 14 cùisean den Choròna-bhìoras dearbhte ann an Uibhist a Deas, agus tha fios ri tighinn fhathast bho dheuchainnean eile. Tha luchd-obrach aig dachaigh cùraim Taigh a' Chridhe Uile-Naoimh ann an Dalabrog, agus aig sgoil-àraich Cothrom, a' fèin-aonranachadh, agus bidh an sgoil-àraich sin dùinte airson cola-deug. Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gum bi a h-uile sgoil ann an Uibhist dùinte airson trì làithean.

Oileanaich

Thas na Libearalaich Dheamocratach an Alba am measg na tha ag iarraidh air a' Phrìomh Mhinistear Nicola Sturgeon beachdachadh air deuchainnean Covid dhan a h-uile oileanach ged nach biodh coltas a' bhìorais orra. Tha sin a' tighinn an dèidh na comhairle as ùire do dh'oileanaich ann an tallaichean-còmhnaidh gum faod iad tilleadh dhachaigh ma tha iad am beachd fuireach an sin airson ùine, agus ma leanas iad riaghailtean fèin-aonranachaidh. Faodaidh iad cuideachd tilleadh dhan dachaigh ma tha deagh adhbhar teaghlaich aca airson sin a dhèanamh.

Dòmhnall Trump

Tha na Deamocrataich anns na Stàitean Aonaichte a' càineadh Dhòmhnaill Thrump airson a chìsean, an dèidh aithrisean anns an New York Times nach do phàigh e cìsean feadaralach idir airson deich den 15 bliadhna mus robh e na Cheann-Suidhe. Thuirt Labhraiche Thaigh nan Riochdairean, an Deamocratach Nanci Pelosi, gun do ghabh an Ceann-Suidhe ceumannan iongantach airson cìsean a sheachnadh.

Fìobha

Tha poilis a' rannsachadh duslaich a chaidh fhaighinn ann am Fìobha an-raoir. Bha an duslach, ris nach deach ainm a chur fhathast, air làrach-gnìomhachais ann an Gleann Rathais.

An Daily Record

Thuirt a' chompanaidh dham buin an Daily Record, nach caill faisg uimhir an obair an aghaidh an toil 's a bha dùil aca an dèidh £35m de ghearraidhean a chur romhpa. Thuirt Reach, a tha cuideachd a' foillseachadh an Express, am Mirror agus an Star, gun deach mòran den chall-cosnaidh a sheachnadh le plana airson luchd-obrach a chur gu dreuchdan eile, agus le feadhainn a' fàgail an obair le an toil fhèin.