BBC Naidheachdan

Taigh-dhealbh ùr a' Ghearasdain

Fosglaidh taigh-dhealbh ùr anns a' Ghearasdan a-màireach. Tha dà sgrìn anns an Highland Cinema ann an Ceàrnag Chamshroin sa bhaile, agus ged a tha an goireas - a chaidh a thogail ann a stoidhle thradaiseanta - comasach air còrr is ceud gu leth neach-amhairc a ghabhail - thèid sin a lùghdachadh gu mòr air sgàth riaghailtean a' choròna-bhìorais. Tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris ...