BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Fòrladh

Innsidh an Seansalar, Rishi Sunak, an-diugh dè thèid an àite sgeama fòrlaidh an Riaghaltais. Tha na sgeama a' tighinn gu ceann aig deireadh na h-ath-mhìos, agus mòran ghnìomhachasan ag iarraidh tuilleadh taice, is bacaidhean às ùr orra le teannachadh a-rithist ann an riaghailtean Chovid-19. Chuir an sgeama aig a h-àirde taic ri còrr air 700,000 cosnadh ann an Alba. Tha Rùnaire Ionmhais na h-Alba, Ceit Fhoirbeis, ag iarraidh an àite na sgeama fòrlaidh siostam stèidhichte air taic shònraichte do roinnean fa-leth.

Oileanaich

Chaidh rabhadh mu phàrtaidhean taighe a thoirt do dh'oileanaich air feadh Alba an dèidh sgapadh de Chovid-19 ann an tallaichean còmhnaidh aig Oilthigh Ghlaschu. Tha dearbhadh ann air còrr is 120 cùis an sin, ach tha oifigich slàinte den bheachd gu bheil an àireamh nas motha na sin. Tha còrr is 600 oileanach ann an cuarantain. Tha an sgapadh ann an Glaschu air aon fhear co-cheangailte ri àiteachan fuirich oileanach air feadh Alba.

Brexit

Tha rannsachadh am measg còrr is 500 companaidh ann am Breatainn ag ràdh nach do bheachdaich ach mu leth dhiubh air buaidh deireadh ùine eadar-amail Bhrexit orra aig deireadh na bliadhna seo. Thuirt Seòmraichean Malairt Bhreatainn, a rinn an sgrùdadh, gur e cho mì-chinnteach 's a tha cùisean an-dràsta as coireach nach do rinn companaidhean ullachadh.

Gàrradh Àranais

Thòisich iomairt airson Gàrradh Àranais ann an Leòdhas a chumail fosgailte, an dèidh dearbhadh air an t-seachdain seo chaidh nach d' fhuair BiFab dad den obair airson tuath-gaoithe mòr Seagreen far chosta an ear na h-Alba. Tha an cùmhnant sin, anns a bheil luach £3bn, a' dol a-null thairis gun Sìona agus na h-Eimireitean Aonaichte Arabach, a' fàgail Àranais, agus gàrradh BiFab ann am Fìobha, ann an staing. Tha riochdairean coimhearsnachd, luchd-gnothaich agus na h-aonaidhean an sàs ann an iomairt Àranais, 's iad a' fàgail air Riaghaltas na h-Alba nach do rinn iad gu leòr airson an obair a chumail ann an Alba.

Truailleadh

Iarraidh Boris Johnson gealltanas bho cheannardan dùthcha eile gun geàrr iad truailleadh càrboin. Canaidh Mgr Johnson nach fhaodar dìochuimhneachadh mun àrainneachd ged a tha èiginn ann leis a' Choròna-bhìoras. Nì am Prìomhaire òraid le ceangal bhideo ris an UN mar phàirt den ullachadh airson co-labhairt eadar-nàiseanta ann an Glaschu an ath-bhliadhna air Atharrachadh na Gnàth-Aimsire.

Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid

'S e an comhairliche Ìleach, Robin MacMhuirich, ceannard ùr Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid. Tha e a' gabhail àite Aileen Morton, a chuir bhuaipe an dreuchd bho chionn ghoirid. Tha an Comh. MacMhuirich, a tha a' seasamh mar Lib-Deamach, air a bhith na bhall comhairle bho chaidh ùghdarras ionadail Earra-Ghàidheal is Bhòid a stèidheachadh nan an 1996.