BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

An Coròna-bhìoras

Dh'iarr Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, air an t-sluagh gabhail ri riaghailtean ùra a' Choròna-bhìorais bho an-diugh ged nach tig iad gu bith gu foirmeil gu Dihaoine. Chan eil e ceadaichte anns a' mhòr-chuid tadhal air dachannan eile, agus bho Dhihaoine thig air taighean-seinnse 's taighean-bìdhe an Alba agus ann an Sasainn cuideachd dùnadh aig 10:00f gach oidhche.

Oilthigh Obar Tatha

Chaidh iarraidh air mu 500 oileanach aig Oilthigh Obar Tatha ann an Dùn Dè fuireach air leth airson cola-deug an dèidh cùis de Chovid-19 ann an tallaichean-còmhnaidh. Thuirt oifigich slàinte gu bheil aon chùis dearbhte aig Parker House, agus gu bheil iad a' rannsachadh àireimh bhig de chùisean amharasach eile.

Deuchainnean Sgoile

Chaidh soilleireachd iarraidh air deuchainnean Nàiseanta 5 na h-ath-bhliadhna agus deasbad ann am Pàrlamaid na h-Alba an-diugh air buaidh Chovid-19 air foghlam. Dh'iarr na Tòraidhean an deasbad an dèidh aithrisean air an deireadh-sheachdain gur dòcha nach bi na deuchainnean as àbhaist do chloinn na ceathramh bliadhna san àrd-sgoil a bhith a' suidhe ann an ath-bhliadhna.

Maill aig a' Chrìch

Tha rabhadh aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte do chompanaidhean bathair gum bi maill mhòr air làraidhean nuair a thig ùine eadar-amail Bhrexit gu ceann mura dèan iad ullachadh airson riaghailtean ùra air na crìochan. Tha Ministear Oifis a' Chaibineit, Mìcheal Gove, ag ràdh ann an litir air an d' fhuair am BBC sealbh, gum faodadh, air a' char as miosa, 7,000 làraidh a bhith a' feitheamh ann an Kent aig aon àm mura bi na pàipearan ceart aca.

Alexei Navalny

Chaidh an ceannard dùbhlannach Ruiseanach, Alexei Navalny, a leigeil a-mach às an ospadal sa Ghearmailt far an deach a chur an dèidh a phuinnseanachadh anns an Ruis. Thuirt dotairean ann am Berlin gu bheil dòchas math ann gum faigh e a làn-shlàinte a-rithist.

Rest and Be Thankful

Dh'fhosgail pàirt de rathad an A83 aig an Rest and Be Thankful ann an Earra-Ghàidheal a-rithist. Tha aon taobh den rathad fosgailte le solas trafaig. Cha robh fosgailte airson ùine ach seann rathad an Airm anns an sgìre, an dèidh dà mhaoim-slèibhe mhòr a dh'fhàg na mìltean thunnaichean de chreig agus poll air an rathad