BBC Naidheachdan

Biadh nan iolairean

'S e geòidh agus rabaidean is motha a bheathaich iolairean mara a neadaich air Loch Druidibeg ann an Uibhist a Deas am-bliadhna.

Bha na h-iolairean is an t-isean aca air an nead fhàgail as t-Samhradh.

Agus chan eil cus coltas ann gun robh na h-iolairean ag amas air uain gu ìre mhòr sam bith - mar a tha Shona NicDhòmhnaill ag aithris.