BBC Naidheachdan

DNA nan Lochlannach

Ma bha ìomhaigh againn de na Lochlannaich mar dhaoine bàna, calma a sheòl à fjords Nirribhidh còrr is mìle bliadhna air ais, tha rannsachadh ùr ag innse dhuinn gun robh measgachadh DNA annta - agus gun robh steall math annta de dh'fhuil Albannach.

Tha cuideachd sgoilear ann an Innis Tìle airson 's gun tèid barrachd mothachaidh a thoirt do dh'àite nan Gàidheal ann an dualchas na dùthcha sin, agus rannsachadh air sealltainn gur ma dh'fhaodte gur ann à Leòdhas a thàinig cuid de na h-ainmean àite aca.

Tha an aithris seo aig Alasdair MacLeòid.