BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

An Coròna-bhìoras

Tha làn-dùil ri leudachadh an-diugh fhathast air riaghailtean a' Choròna-bhìorais air feadh na Rìoghachd Aonaichte. Tha ceannardan ceithir dùthchannan an Aonaidh a' gabhail pàirt an-dràsta ann an coinneimh na comataidh èiginnich Cobra. Bheir Nicola Sturgeon fiosrachadh do Holyrood feasgar air buaidh na coinneimh sin air Alba 's tha a h-uile coltas gun tig riaghailtean nas cruaidhe air a h-uile sgìre.

Aoigheachd

Thàinig rabhadh bho Whitbread, a' chompanaidh aoigheachd as motha ann am Breatainn gur dòcha gun tig orra 6,000 cosnadh a ghearradh eadar na gnìomhachasan Premier Inn, Beefeater agus Brewer's Fayre a buineas dhaibh. Agus tha Wetherspoons ag ràdh gun tèid 450 cosnadh a chall aig na taighean-seinnse acasan aig puirt-adhair air feadh Bhreatainn.

Masgaichean

Tha luchd-bùtha na h-Alba ag iarraidh air na Poilis a bhith nas cruaidhe air feadhainn a tha a' diùltadh masg a chur orra sna bùthainnean. Tha Caidreachas Ghròsairean na h-Alba ag ràdh nach bu chòir am ballrachd a bhith a' fulang mì-mhodh agus maoigheadh nuair a dh'iarras iad air daoine cumail ris na riaghailtean mu mhasgaichean ann am bùthainnean.

Na Làbaraich

Gheall Sir Keir Starmer na chiad òraid mar cheannard do cho-labhairt nan Làbarach dùbhlan èifeachdach dhan Riaghaltas Thòraidheach. Thuirt e gum biodh cothromachd aig meadhan poileasaidh nan Làbarach, agus thug e slaic air mar a tha an Riaghaltas a' dèiligeadh ri èiginn Chovid-19.

Ken Mac an Tòisich

Dh'innis Oifigear Riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba, Ken Mac an Tòisich, nach bi e a' seasamh ann an taghadh na Pàrlamaid an ath-bhliadhna. Tha Mgr Mac an Tòisich, a tha 58, na bhall liosta an-dràsta air taobh siar na h-Alba. Tha e air a bhith ann an Holyrood airson 22 bhliadhna mar bhall Làbarach gus an tàinig air a sheann phàrtaidh a chur bhuaithe ann an 2016 nuair a chaidh a thaghadh mar Oifigear Riaghlaidh.