BBC Naidheachdan

Bochdainn ann an sgìrean dùthchail

Tha dùil gun toir rannsachadh ùrr a thig a-mach tràth an ath-bhliadhna dealbh dhuinn air bochdainn ann an sgìrean dùthchail sna dusan bliadhna bhon chrìonadh eaconamach ann an 2008.

Fhuair rannsachadh a rinn Oilthigh Newcastle roimhe gun robh còrr is dàrna leth de dhaoine ann an sgìrean dùthchail air bochdainn fhulaing sna seachd bliadhna deug ron a sin.

Tha tuilleadh aig an fhear-naidheachd phoileataigeach againn, Darren Linc.