BBC Naidheachdan

Taisbeanadh ùr Uibhisteach

Thèid taisbeanadh aig Taigh Chearsabhagh a bha gu bhith deiseil dìreach mus do thòisich an lockdown sa Mhàrt fhoillseachadh air-loidhne an t-seachdainn seo.

Chaidh an rannsachadh 's a dhealbhachadh le clann sa bhun-sgoil, le taic bho inbhich aig Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath, is iad a coimhead ri grunn chuspairean ceangailte ri nàdar, ealain agus saidheans.

Tha an aithris seo aig Shona NicDhòmhnaill.