BBC Naidheachdan

Sgioblachadh nan tràighean

Thòisich rannsachadh an-diugh gus faighinn a-mach mun bhuaidh a th' air a bhith aig a' Choròna-bhìoras air tràighean na dùthcha.

Tha Comann Glèidhteachais na Mara ag iarraidh air daoine na tràighean a tha faisg orra a ghlanadh agus na stuthan-dìon air an tig iad tarsainn, leithid masgaichean agus miotagan, a chunntadh.

Thathas cuideachd ag iarraidh orra aire a ghabhail de sgudal àbhaisteach agus seo, a rèir choltais, na thrioblaid mhòr.

Tha Annabel NicIllinnein.