BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Covid-19

Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' beachdachadh air riaghailtean nas cruaidhe mu choinneimh àrdachadh as ùr ann an cùisean de Chovid-19. Tha e coltach gun tig dùnadh a-rithist air taighean-seinnse agus àiteachan bidhe ach gum bi sgoiltean agus a' mhòr-chuid de dh'aiteachan obrach a' fuireach fosgailte. Thuirt Rùnaire na Slàinte ann an Westminster, Matt Hancock, gu bheil iad a' feuchainn ri lockdown nàiseanta eile a sheachnadh. Thuirt Nicola Sturgeon gu bheil an riaghaltas aicese a' beachdachadh air dè na ceumannan a dh'fhaodadh a bhith a dhìth ann an Alba.

Buaidh Covid-19 air an eaconomaidh

Tha aithisg ùr bho Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean (HIE) ag ràdh gum faodadh buaidh COVID-19 £2.5b thoirt far luach eaconomaiceach na Gàidhealtachd 's nan Eilean agus gum faodadh toradh GDP na sgìre tuiteam eadar £1.5 agus £2.6b am bliadhna. Tha HIE ag ràdh gum bi eacaomaidh na sgìre air dheireadh air sgìrean eile a' faighinn seachad air a' bhuaidh leis gu bheil bith-beò anns na sgìrean iomallach an crochadh gu ìre mhòr air gnìomhachasan mar thurasachd agus obair togail.

HIAL

Tha aithisg don aonadh Prospect ag ràdh nach do thuig Companaidh Phort Adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean na cosgaisean neo na cunnartan an luib na seirbheis iùil a chruinneachadh còmhla ann an Inbhir Nis. Tha an aithisg ag ràdh gun toir an gluasad sin, air a char 's lugha, £18m a-mach à eaconomaidh nan eilean agus tha an aithisg a' cur teagamh mhòr cuideachd anns an teicneòlas ùr. Tha HIAL ag ràdh ge-tà gu bheil an teicneòlas agus an siostam iùil sàbhailte agus cumanta ann an dùtchannan eile.

Tuathan-èisg

Tha Grieg Seafood a' dùnadh nan còig tuathan-èisg a th'aca san Eilean Sgitheanach. Thuirt a' chompanaidh gun do chaill iad còrr is 600,000 iasg anns na trì mìosan a chaidh seachad le plàigh de mhuir-teachd. Caillidh ochdnar, à 25 uile gu lèir, an cosnadh san eilean ach bidh cothrom aig cuid dhiubh sin air obair air tuathan Grieg ann an Sealltainn. Thuirt a' companaidh nach urrainn dhaibh làraichean an Eilean Sgitheanaich obrachadh còmhla ris na làraich a th'aca ann an Sealltainn gun a bhith a' call airgid.

Ceannard Comhairle

Tha ceannard Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a' fagail a dreuchd. Thuirt Aileen Morton gu bheil i air an obair a thoirt air adhart cho fad 's as urrainn dhi agus gu bheil an t-àm ann a-nis do chuideigin eile an obair a dhèanamh. Thèid ceannard ùr ainmeachadh nuair a choinnicheas an làn chomhairle a-rithist Diardaoin an 24mh den mhìos seo.