BBC Naidheachdan

Rannsachadh neo-eisimeileach ga iarraidh mu chasaidean de bhurraidheachd

Tha taic a' fàs airson rannsachaidh neo-eisimeilich mu chasaidean gu bheil burraidheachd a' dol air adhart ann an seirbheisean slàinte agus cùraim ann an Earra-Ghàidheal is Bòd.

Tha seo às dèidh rannsachaidh na bu tràithe am-bliadhna am measg luchd-obrach ann an seirbheisean slàinte agus cùraim shòisealta na sgìre, a tha fo stiùir an HSCP - sin an compàirteachas eadar Comhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid agus NHS na Gàidhealtachd.

Tha an aithris seo aig Andreas Wolff.