Naidheachdan 11:00m

Oileanaich Napier

Chaidh iarraidh air oileanaich aig Oilthigh Napier ann an Dùn Èideann cumail orra a' dol gu clasaichean mura cluinn iad a chaochladh, agus ceangal ga dhèanamh eadar cùisean de Chovid-19 agus àite-còmhnaidh oileanach. Thuirt NHS Lodainn gu bheil iad a' rannsachadh na h-uimhir de chùisean dearbhte aig Tallachan Bainfield.

Pàrtaidhean

Chaidh ceangal a stèidheachadh eadar cùisean den bhìoras bho chionn ghoirid ann an Siorrachd Àir agus Eilean Arainn ri pàrtaidhean taighe far an robh measgachadh nas motha na tha ceadaichte de dhaoine agus dachannan. Thuirt Stiùiriche Slàinte a' Phobaill anns an sgìre sin gu bheil dearbhadh aca leis an t-siostam 'contact tracing' gu bheil am bhìoras a' faighinn cothrom air sgapadh aig cruinneachaidhean sòisealta.

Lockdown

Thig riaghailtean lockdown ùra, bho mheadhan-oidhche a-nochd, air cha-mhòr dà mhillean duine ann an ceann an ear-thuath Shasainn far a bheil àrdachadh ann an cùisean ùra de Chovid-19. Tha dùil gum feum taighean-seinnse dùnadh tràth agus gum bi tuilleadh caisg air measgachadh eadar dachannan. Agus thèid riaghailtean ùra cuideachd a-nochd air sgìre Rhondda sa Chuimrigh.

Brexit

Thuirt Joe Biden nach leigeadh esan, mar cheann-suidhe sna Staitean Aonaichte, le Brexit cron a dhèanamh air sìth ann an Èirinn a Tuath. Thuirt an tagraiche Deamocratach, gum feum aonta malairt sam bith eadar an Rìoghachd Aonaichte agus na Stàitean Aonaichte spèis a thoirt do dh'Aonta Sìthe na Ceusta.

Burraidheachd

Tha rannsachadh neo-eisimeileach ga iarraidh agus casaidean ann gu bheil burraidheachd a' dol air adhart ann an seirbheisean slàinte 's cùraim ann an Earra-Ghàidheal 's Bòd. Thàinig na casaidean am follais à rannsachadh nas tràithe am-bliadhna am measg luchd-obrach ann an seirbheisean slàinte agus cùraim shòisealta. Tha iad sin fo stiùir compàirteachas slàinte eadar Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid agus NHS na Gàidhealtachd.

Air fhoillseachadh