BBC Naidheachdan

Obair Cidhe Ùige

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun tèid obair-leasachaidh air adhart fhathast air Cidhe Ùige san Eilean Sgitheanach, ach gum feumas coimhead a-rithist ri cosgaisean a' phròiseict agus ris an obair a tha na lùib. Seo an dèidh dhan Chomhairle dearbhadh nach d' fhuair iad iarrtas san sam bith airson cùmhnant na h-obrach a bha taobh a-staigh a' bhuidseit de ceithir deug thar fhichead millean nota. Tha tuilleadh aig Alasdair MacLeòid: