BBC Naidheachdan

Deiseil airson dealain?

An ceann còig bliadhna deug, bidh a' reic chàraichean ùra peatrail agus dìosail air a chasg sa Rìoghachd Aonaichte.

Ach a rèir sgrùdaidh ùir, tha faisg air dàrna leth de dhraibhearan a' faireachdainn nach bi iad ullaichte air a shon. Air a' Ghàidhealtachd, tha cuid a' faireachdainn nach bi na càraichean dealain cho èifeachdach ann an sgìrean iomallach sa bhios iad sna bailtean mòra. Tha obair ullachaidh a' dol, ge-tà, aig Comhairle na Gàidhealtachd gus an sgìre a dhèanamh deiseil air an son, mar a tha Anndra MacFhionghain a' mìneachadh.