BBC Naidheachdan

Prògraman 'Six Men' le Gary Innes

Dh'fhaodadh gun adhbhraich cuid de na tha san aithris seo dragh do chuid.

Airson Là Eadar-nàiseanta an aghaidh Làmh a Chur nad Bheatha Fhèin, chaidh dà phrògram sònraichte a chraoladh air Radio Scotland a' coimhead air suidheachadh duilich sgioba iomain a' Ghearasdain.

Chluich am preseantair Gary Innes fad iomadh bliadhna don sgioba aig àm nuair a bha iad air leth soirbheachail, ach dh'fhairich iad call mòr cuideachd.

Cluinnear na prògraman a-rithist air BBC Sounds.