BBC Naidheachdan

Staing an taigheadais is oighreachdan coimhearsnachd

Tha deasbad an taigheadais a' leantainn às dèidh do dh'òigridh às na h-eileanan a ràdh gu bheil feum air ath-leasachadh a thoirt air a' mhargaidh gus cothrom nas fheàrr a thoirt dhaibhsan.

Tha beachd ann gum faodadh pàirt chudromach a bhith aig oighreachdan coimhearsnachd agus taighean cho doirbh do dhaoine òga anns na h-eileanan.

Tha Dòmhnall Moireasdan air a bhith a' còmhradh ri Agnes Rennie bho Urras Oighreachd Ghabhsainn, Calum MacGhille Mhaoil bho Stòras Uibhist, a tha cuideachd na chomhairliche, is Iain Caimbeul air a bheil sinn eòlach bho obair rannsachaidh air staing na Gàidhlig, a bharrachd air eòlas air leasachadh eaconomach air a' Ghàidhealtachd 's anns na h-Eileanan.