Naidheachdan 11:00

Ath-sgrùdadh

Bidh ath-sgrùdadh ann an-diugh air riaghailtean a' choròna-bhìorais ann an Alba. Ach thuirt am Prìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, nach eil coltas fuasgladh sam bith ann agus àireamhean nan cùisean làitheil trì fhillte seach mar a bha iad nuair a bha an t-ath-sgrùdadh mu dheireadh ann bho chionn trì seachdainean.

App

Thòisich an siostam app ùr aig Riaghaltas na h-Alba an-diugh airson sgeul a chumail air a' choròna-bhìoras. Ghabhaidh an t-app, Protect Scotland, cur air fòn-làimhe agus leigidh e fhaicinn do dhuine a thig faisg air duine eile air an tèid an bhìoras a dhearbhadh. Chuir còrr is 50,000 duine air am fòn aca e gu ruige seo.

Comann Meidigeach Bhreatainn

Thuirt Comann Meidigeach Bhreatainn gum faodadh cosgais sgeama dheuchainn Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte airson Covid-19 èirigh gu £100bn. Tha am fiosrachadh sin ann an aithisg a sgaoil gun chead à Westminster. Tha "Operation Moonshot" ag amas air milleanan dheuchainnean a dhèanamh a h-uile là ged a dh'aidich Rùnaire na Còmhdhail, Grant Shapps, an-diugh nach eil sgeul fhathast air an teicneolas air a shon.

Home Farm

Tha coltas ann gun tèid cùis-lagha a thogail an aghaidh HC-One, a' chompanaidh a bha a' ruith Dachaigh-churaim Home Farm anns an Eilean Sgitheanach, anns an do chaochail deichnear le Covid-19 sa Ghiblean agus anns a' Chèitean. Thuirt a' chompnaidh lagha, Leigh Day, gu bheil iad a' coimhead air a' chuis às leth nan teaghlaichean a chaill càirdean. Leig Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim às cùis-cùirte air a' mhios seo chaidh agus iad ag ràdh gun deach adhartas mòr a dhèanamh aig an dachaigh ann am Port Rìgh. Agus dh'innis NHS na Gàidhealtachd an t-seachdain seo chaidh gu bheil iadsan a' gabhail na dachaigh thairis.

Tubaist rèile

Thuirt an aithisg eadar-amail air tubaist rèile Stonehaven gun do bhuail an trèana ann an tòrr creige a bha air an rèile an dèidh uisge trom sa sgìre. Chaill triùir am beatha san tubaist air an 12mh den Lùnasdal.

Loganair

Tha dragh ann mum bhuaidh a bheireadh gearradh chosnaidhean aig Loganair air na h-eileanan. Thuirt a' chompanaidh gu bheil iad am beachd 68 cosnadh a ghearradh air feadh Alba agus e a' toirt gu math nas fhaide na bha dùil aca faighinn seachad air droch bhuaidh a' choròna-bhìorais air a' ghnìomhachas.

Comhairle na Gàidhealtachd

Tha tuarasdal àrd-oifigeach aig Comhairle na Gàidhealtachd ga dheasbad aig làn choinneamh an ùghdarrais an-diugh. Tha buaireadh air a bhith ann bho thàinig e am follais gun robh fear a bha na cheannarrd eadar-amail air roinn an fhoghlaim a' faighinn faisg air £1,000 san là. Tha feadhainn a' gearain cuideachd air structar nan àrd dhreuchdan sa chomhairle.

Air fhoillseachadh