Poilis Chanada fon phrosbaig às ùr

Tha luchd-iomairt ann an Canada ag ràdh gu bheil e riatanach gum bi buidheann de shìobhaltaich a tha nan Tùsanaich a' toirt an dàrna sùil air obair nam poileas ann an cùisean Tùsanach.

Nochd am beachd às ùr bho Michele Audette, a bha i fhin na coimiseanair air rannsachadh air mar a chaidh boireannaich Thùsanach a mhurt no a dhìth ann an Canada.

Ged a chuir an coimisean sreath de mholaidhean air adhart, tha Michele Audette a' cumail a-mach nach eil ùghdarrasan Chanada air dad a dhèanamh leotha fhathast.

Thuirt i gu bheil obair nam poileas mar a tha e a' leigeil sìos nan Tùsanach is mion-shluaghan eile Chanada.

Tha a' bhuidheann Slàinte a' Phobaill ann an Canada ag ràdh gu bheil an Riaghaltas a' meòrachadh air molaidhean a' choimisein.

Tha sinn air a bhith a' bruidhinn ri Iain Mac a' Phearsain, a rugadh is a thogadh ann an Canada is a tha mion-eòlach air suidheachadh nan Tùsanach.

Dealbh bho Coolcaesar is air a chleachdadh fo Chead Creative Commons.