Deasbad an Taigheadais

Tha suidheachadh an taigheadais aig tuath ga dheasbad às ùr is buidheann de dh'òigiridh às na h-eileanan ag iarraidh sgeama pìleat a bheireadh cothrom dhaibh air taighean a cheannach an toiseach, seach iad a bhith air a' mhargaidh dhan duine as beartaiche a dh'iarras iad.

Dè cho coltach 's a tha e gun gabhadh an leithid a dhèanamh?

Tha Dòmhnall Moireasdan air a bhith a' deasbad na cùise le triùir: Pàdraig Moireasdan à Uibhist a bha a' mìneachadh moladh na h-òigridh dhuinn air Aithris na Maidne an toiseach; Magaidh NicAoidh a tha na tè-lagha ann an Steòrnabhagh agus aig a bheil eòlas air margaidh an taigheadais anns na h-Eileanan; agus fear-gairm Comhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, a tha cuideachd na bhall de bhòrd HHP.