Lùth-chleasaichean a' trèanadh sa mhuir

Tha bacaidhean a' choròna-bhìorais air iomadh goireas spòrs fhàgail dùinte on Mhàrt, ach tha daoine air dòighean eile a lorg airson cumail fut.

Tha cùisean doirbh do lùth-chleasaichean a dh' fheumas trèanadh ann an amar-snàimh.

Chan eil air ach snàmh a-muigh.

'S e sin a rinn aon tè a bha am measg sgioba nan Eilean Siar ann an Gibraltar an-uiridh, agus dh'èirich an tè-naidheachd againn, Eilidh NicLeòid, tràth airson an aithris seo a thoirt thugainn.