Naidheachdan 11:00

Quarantine

Thuirt Rùnaire Ionmhais na h-Alba, Ceit Fhoirbeis, nach bi deuchainn airson coròna-bhìoras aig na puirt-adhair. Tha ceannardan Port-adhair Ghlaschu agus Port-adhair Obar Dheathain am measg na tha ag iarraidh deuchainn, gus nach fheumadh feadhainn a tha a' tighinn à dùthchannan sa bheil cunnart bho choròna-bhìoras a dhol gu quarantine airson ceala-deug. Ach thuirt Ms Forbes, agus i a' bruidhinn ri Radio Alba an-diugh, gu bheil quarantine èifeachdadh ann an cur stad air Covid-19. Tha sin aig an dearbh àm 's tha quarantine a' tighinn gu buil an-diugh air luchd-siubhail a thig a dh'Alba às a' Ghrèig. Tha feadhainn ann an gnìomhachas nan saor-làithean a' gearain agus iad ag ràdh gu bheil e a' cur tuilleadh air daoine bho bhith shiubal gu dùthchannan eile. Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, gu bheil deagh adhbhar ann airson sin le fianais air àrdachadh ann an cùisean na bhìorais anns a Ghrèig.

Richard Leonard

Tha cuideam as fhìor fhàs air a' Cheannard Làbarach ann an Alba, Richard Leonard, an dèidh do bhall sa chaibineat Làbarach ann an Westminster, Rachel Reeves, a ràdh gum feum e beachdachadh air a shuidheachadh fhèin, agus na cunntais-bheachd ro thaghadh na Pàrlamaid Albannaich an ath-bhliadhna. Tha sin goirid an dèidh do cheathrar bhall Làbarach ann am Pàrlamaid na h-Alba iarraidh cuideachd air Mgr Leonard a dhreuchd fhagail. Thuirt Mgr Leonard nach eil dad de dhùil aige falbh.

Taighean

Thuit an àireamh dhaoine a tha a' ceannach taighe airson a' chiad uair ann an Alba, chun na h-ìre as lugha ann an seachd bliadhna. Tha rannsachadh a rinn Banca Rìoghail na h-Alba ag ràdh gu bheil e sìos 35% air a' bhliadhna roimhe sin agus gur e daoine leisg air reic no ceannach le èiginn Covid-19 as coireach. Agus tha RBS ag ràdh gu bheil prìs a' chiad dhachaigh ann an Alba air èirigh 42% air an deich bliadhna mu dheireadh.

Tubaist

Tha coltas gun deach bàta a bha a' toirt crodh à New Zealand gu ruige Sìona fodha ann an stoirm ann am Muir an Ear Shìona. Bha dà fhichead 's triùir de chriutha agus cha mhòr sia mìle beathach cruidh air an t-soitheach. 'S e dìreach aon duine den chriutha air an deach cobhair a dhèanamh.

Clèibh

Tòisichidh sgeama pìleit air an ath-mhios a' cur casg air na dh'fhaodas iasgairean a chur de chlèibh ann an earrann mhòr de dh'uisgeachan nan Eilean Siar. Tha amharas ann gu bheil stoc a' ghiomaich, na crùbaig agus a' mùsgain-chaoil a' crionadh agus a-rèir 's na thig às an deuchainn seo, a mhaireas dà bhliadhna, dh'fhaodadh a leudachadh dhan chòrr de dh'Alba.