Ùghdarras ionadail dhan Eilean Sgitheanach?

Am bu chòir coimhead air ùghdarras ionadail air leth dhan Eilean Sgitheanach?

Sin a tha feadhainn san eilean ag iarraidh agus iad gu làidir den bheachd nach eil Comhairle na Gàidhealtachd a' freagairt air feumalachdan an eilein.

Nam measg tha Ball Pàrlamaid na sgire, Iain Blackford, a tha ag ràdh gu feum co-chomhairleachadh tòiseachadh air structar ùr do rìaghladh ionadail air a' Ghàidhealtachd.

Tha e ag ràdh gu bheil sgìre na comhairle ro' mhòr agus a'cuir bacadh air deamocrasaidh.

Tha an aithris seo aig Alasdair MacLeòid.