Dùnaidh Ospais Bhethesda mur am faigh iad taic èiginneach

Dùnaidh Ospais Bhethesda ann an Steòrnabhagh mur am faigh iad taic èiginneach, agus staing a' Choròna-Bhìoras a' toirt fìor dhroch bhuaidh orra.

Tha seo a-rèir manaidsear na h-ospais, a dh' innse gu bheil a mhòr-chuid den mhaoineachadh aca a' tighinn bhon bhùth a th' aca sa bhaile - a dh' fheumas a bhith dùinte an-dràsta.

'S e Bethesda an aon ospais anns na h-Eileanan Siar, agus tha leapannan aca do chòrr is deich thar fhichead duine.

Le tuilleadh, seo Anndra MacFhionghain…