Taic a bharrachd do ghnìomhachasan

Dh' fhoillsich Riaghaltas na h-Alba taic a bharrachd do ghnìomhachasan tro staing a' Choròna-bhìorais.

Bha daoine air dragh a thogail mu cho-dhùnadh an riaghaltais aon tabhartas a thoirt do gach gnothachas seach aon tabhartas airson gach àite aig gnothachasan mar a thathas a' dèanamh sa chòrr den Rìoghachd Aonaichte.

Tha Doneil MacLeòid ag aithris.