Naidheachdan 11:00m

Thug roinn nam bancaichean agus ionmhais còrr is £3bn de dh'iasadan èiginneach seachad fon sgeama a dh'fhoillsich an t-Seansalair bho chionn trì seachdainean. Ach tha mòran chompanaidhean a' gearain nach d' fhuair iadsan dad fhathast de na h-iasadan sin a chaidh a ghealltainn dhaibh mu choinneimh èiginn a' Choròna-Bhìorais. Gheibh gnìomhachasan beaga 's feadhainn a tha an ceann an cosnaidh dhaibh fhèin ann an Alba £220m a bharrachd ann an taic-airgid ann an dreach granta. Tha leudachadh air an airgead a' tighinn an dèidh gearain gun robh cuid de na companaidhean agus luchd-gnothaich air nach robh na sgeamaichean taice ag amas.

Thuirt Rùnaire Slàinte na h-Alba, Jeanne Freeman, gun do dh'iarr i soilleireachadh bho Rùnaire Slàinte na Rìoghachd Aonaichte, Matt Hancock, mu stuth dìon pearsanta 's aodach dìon pearsanta do luchd-obrach an Alba. Thuirt Buidheann Cùraim na h-Alba an-dè gu bheil prìomhachas an stuth sin ga thoirt do Shasainn air thoiseach air Alba. Tha Matt Hancock ag ràdh ge-tà, nach ann mar sin a tha cùisean, 's tha aon chompanaidh a' cumail a-mach fhathast gun deach iarraidh orra gun stuth a thoirt do dh'àite eile ach do Shasainn.

Tha Ceannard nan Làbarach, Sir Keir Starmer, ag iarraidh fiosrachaidh mhionaidich bho Riaghaltas mun phlana airson bacaidhean a' Choròna-Bhìorais a thogail. Tha dùil gun cuir an Riaghaltas tuilleadh ùine a-màireach ris na bacaidhean sin, agus ministearan ag ràdh gun robh bruidhinn air cur às don Lockdown mus do ràinig am bhìoras àirde a' toirt teachdaireachd mheasgaichte dhan mhòr-shluagh.

Chàin Àrd-Oifigeach nan Dùthchannan Aonaichte, Antonio Guterres, co-dhùnadh a' Chinn-Suidhe Trump stad de thaic-airgid nan Stàitean Aonaichte do Bhuidheann Slàinte na Cruinne. Tha Mgr Trump a' gearain air an dòigh san do làimhsich a' bhuidheann èiginn a' Choròna-Bhìorais, a' cur air a' bhuidhinn gun do chuir iad am falach sgapadh a' bhìorais ann an Sìona aig ìre thràth a' ghalair an-uiridh. Thuirt Mgr Guterres nach e seo an t-àm a bhith a' gearradh taice nuair a tha iad uile a' strì ris a' bhìoras.

Tha bun-sgoiltean agus sgoiltean-àraich a' fosgladh a-rithist san Danmhairg. Tha riaghailtean ùra a' fàgail astair nas motha eadar a' chlann, agus bidh clasaichean air a' bhlàr a-muigh far a bheil sin freagarrach.