Naidheachdan 11:00m

Thuirt Stiùiriche Clinigeach Nàiseanta na h-Alba an-diugh nach eil fìrinn sam bith ann an aithrisean gu bheil Alba air dheireadh air Sasainn ann a bhith a' toirt aodaich agus uidheamachd dìon phearsanta do luchd-obrach slàinte is cùraim. Ach dh'aidich Jason Leitch gu bheil beagan maill agus trioblaid air a bhith ann a' roinn an stuth eadar na diofar sgìrean agus seirbheisean.

Bidh luchd-saidheans an Riaghaltais ann an Westminster a' coinneachadh an-diugh a dheasbad buaidh nan riaghailtean airson stad a chur air sgapadh a' Choròna-Bhìorais. Bheir iad sùil air na h-àireamhan a tha a' call am beatha agus air na tha a' dol gu dlùth-chùram, agus bheir iad am fiosrachadh sin dhan Chaibineat. Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, nach eil mòran coltais ann gun tig an t-ath-sgrùdadh sin gu togail nam bacaidhean ann an Alba. Thuirt i gu bheil a h-uile coltas ann gu bheil na riaghailtean ag obrachadh, ach gum bi feum orra airson ùine fhathast.

Tha feadhainn de na bùthainnean agus gnìomhachasan anns an Eadailt a' fosgladh a-rithist an dèidh a bhith dùinte airson còig seachdainnean. Agus anns an Fhraing thuirt an Riaghaltas an sin gum faodadh crìonadh cho mòr ri 8% a bhith san eaconomaidh acasan am-bliadhna. Thuirt an Ceann-Suidhe Macron an-raoir gu bheil e ag amas air tòiseachadh air riaghailtean a' Choròna-Bhìorais a thogail an ceann mìos.

Thuirt Riaghladair a' Chraolaidh, Ofcom, gun toir iad sùil anns an aithghearrachd air briathran Éamonn Holmes mun Choròna-Bhìoras agus teicneòlas 5G an dèidh còrr is 400 gearain fhaighinn. Thuirt esan air a' phrògram telebhisein aig ITV This Morning nach toil leis an dòigh anns an do chuir a' mhòr-chuid de na meadhanan sòisealta agus telebhisean is rèidio às anns a' bhad dhan bheachd gun robh ceangal eadar 5G agus am bhìoras, agus gun robh sin a rèir na dh'iarradh an Stàit. Chaidh ionnsaighean a thoirt air na h-uimhir de chrainn 5G an dèidh dhen bheachd, anns nach eil fìrinn stèidhichte sam bith, nochdadh.