Fòrladh a' Choròna-Bhìorais

Tha an Coròna-Bhìoras air buaidh mhòr a thoirt air iomadach rud thar nan seachdainean a dh'fhalbh - gnìomhachasan agus luchd-obrach na dùthcha nam measg.

Tha àireamh mhòr de dhaoine an-dràsda air fòrladh far na h-obrach ri linn a' Choròna-Bhìorais.

Ach dè dìreach a th'ann agus dè na còirichean agus riaghailtean a tha tighinn na chois?

Tha Alasdair MacIllinnein air a bhith a' faighinn a-mach barrachd mu dheidhinn.