Cobhair ann an Inbhir Nis

'S iomadh buidheann a tha trang an-dràsta air feadh na dùthcha a' toirt taic do dhaoine air a bheil am bhìoras a' toirt buaidh.

Nam measg tha eaglais ann am meadhan Inbhir Nis, a tha ag obair sia là san t-seachdain airson biadh a thoirt do dhaoine a th' ann am bochdainn neo nach fhaigh a-mach às an taigh.

Coltach ri mòran eile, bha aca ri na dòighean-obrach aca atharrachadh air sgàth nan riaghailtean cuingealachaidh.

Tha Shona Nic a' Phiocair ag aithris.