Obair bhon taigh

Tha fada bharrachd dhaoine ag obair bhon taigh an dràsda air sgàth suidheachadh a' Choròna-Bhìorais.

Tha companaidhean air feadh na dùthcha a' strì feuch an luchd-obrach aca a chuideachadh gus siostaman agus prògraman ùra a chleachdadh.

Tha cuid den bheachd gun toir seo air mòran atharrachadh a thoirt air mar a bhios iad ag obair - agus cho tric 's a dh'fheumas iad a dhol a-steach dhan na h-oifisean aca.

Tha Ruairidh Alastair MacIllFhinnein ag aithris.