Naidheachdan 11:00m

Dh' innis am Prìomh Mhinistear dhan BhBC gu bheil i a' tuigsinn carson a tha daoine fiadhaich nach deach an t-Àrd-oifigear Meidigeach a chur às a dreuchd cho luath sa fhuaireas a-mach gun robh i air na riaghailtean aice fhèin a bhristeadh. Dh'fhàg an Dtr Catherine Calderwood a dreuchd as dèidh mar a thàinig e am follais gun do rinn i dà thuras gu a dachaigh ann am Fìobha bho Dhùn Èideann, a dh' aindheòin 's gun do dh'innis i dhan phoball fuireach aig an taigh. Bheir an Dr Gregor Mac a' Ghobhainn, Leas-àrd-oifigear Medigeach na h-Alba, thairis bhon Dr Calderwood san ùine eadar-amail.

Dh' innis Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gu bheil am Prìomhaire fhathast os cionn an Riaghaltais, a dh' aindheoin 's gun do chuir e seachad an oidhche san ospadal agus comharran den Chorona-Bhìoras a' leantainn. Chaidh coinneamh an latha an-diugh aig Sràid Dhowning mun bhìoras a chumail le Rùnaire nan Dùthchannan Cèin, Dominic Raab, fhad sa tha Boris Johnson a' dol fo dheuchainnean san ospadal.

Bhruidhinn a' Bhanrigh air telebhisean agus air radio an-raoir, gus taing a thoirt do dhaoine a tha air a thighinn còmhla gus dhaoine eile a chuideachadh bho thòisich a' bhìoras ri sgapadh. Cha robh seo ach an ceathramh turas a bha i air a leithid a dhèanamh, aig àm doirbh dhan dùthaich. Thuirt i gun dèanadh an Rìoghachd a' chùis air a' ghalar, agus gun cuidicheadh na riaghailtean a thaobh bhith a' cumail air falbh bho chèile an fheadhainn as bochda. Thuirt i cuideachd - a' cleachdadh facail Dame Vera Lynn - gun coinnich sinn uile uair eile.

Bheir ùghdarrasan ionadail taic luach £30m do theaghlaichean nach urrainn biadh fhaighinn air sgàth staing a' Chorona-Bhìorais. Tha an t-airgead ùr bho Mhaoin Bìdhe Riaghaltas na h-Alba airson taic a thoirt dhaibhsan a tha as motha a dhìth air. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gum bi sùbailteachd aig comhairlean an t-airgead seo a chur gu feum a-reir dè as freagarraiche 'son nan suidheachaidhean ionadail aca.

Dh'fhaodadh gum bi na h-Eileanan an Iar agus na Crìochan ann am barrachd chunnart bhon Choròna-Bhìoras, na pàirtean eile dhèn dùthaich. Tha seo a rèir rannsachaidh ùir a chaidh a dhèanamh air a' bhuaidh a bhios aige air diofar sgìrean ann an Alba. Lorg an Dr Daibhidh MacEanraig bho Oilthigh Napier Dhùn Èideann - gun robh sgìrean anns a bheil àireamh-sluaigh mhòr de sheann daoine nas dualtaich fulang leis a' bhìoras.

Tha seachdnar luchd-obrach air clàr-ola sa Chuan a Tuath le comharran den Chorona-Bhìoras. Tha iad air innse nach eil iad a' faireachdainn dona le Covid 19, agus gu bheil iad air a bhith leotha fhèin, air falbh bho dhaoine eile air a' chàr-ola an 'North Cormorant'. Dh' innis a' chompanaidh ola Tacker gun tèid an sgèith air ais gu tìr an-diugh. Thèid feadhainn a bha faisg orra an toirt air ais cuideachd.