Naidheachdan 11:00m

Tha am BBC a' tuigsinn gu bheil còrr air 20% den luchd-obrach aig prìosanan na h-Alba dheth tinn air sgàth a' Choròna-Bhìorais. Chaidh a ràdh gu bheil an suidheachadh a' cur cuideim mhòir air an t-seirbheis. Cuideachd tha Comataidh Cheartais Holyrood air sgrìobhadh chun an Riaghaltais agus Seirbheis nam Prìosanan, a thogail dragh bho oifigearan prìosain nach eil aodach dìonach aca.

Chaidh co-labhairt COP 26 air suidheachadh na gnàth-shìde, a bha gu bhith an Glaschu as t-Samhain, a chur dheth chun na h-ath-bhliadhna. Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gum feumadh làn-aire dhùthchannan a bhith air a' Choròna-Bhìoras. Bha dùil ris na mìltean aig a' cho-labhairt anns an t-Samhain.

Thuirt am Prìomhaire gur e barrachd dheuchainnean airson a' Choròna-Bhìorais an dòigh as fheàrr airson a' chùis a dhèanamh air. Bha e a' bruidhinn ann am bhideo air Twitter an-raoir agus mòran air gearain nach eil gu leòr dheuchainnean gan dèanamh, gu h-àraid le luchd-obrach an NHS. Gheall Boris Jonhson, air a bheil am bhìoras, gun tèid oidhirpean a bharrachd a dhèanamh an siostam dheuchainnean a leudachadh.

Tha faisg air millean duine air cur a-steach airson a' Chreideis Choitchinn thairis air a' chola-deug mu dheireadh. Tha sin faisg air deich uimhir na h-àireimh de thagraichean ùra a bhiodh ann thairis air cola-deug àbhaisteach. Chaidh 10,000 neach-obrach a ghluasad gus cuideachadh leis na h-iarrtasan ùra.

Tha dùil gun cuir British Airways timcheall air 36,000 duine às an dreuchdan rè ùine air sgàth suidheachadh a' bhìorais. Tha iad air a bhith a' bruidhinn ris na h-aonaidhean mu dheidhinn seo. Tha dùil gun dèan companaidhean adhair eile an aon rud.

Tha plèanaichean le Loganair agus heileacoptairean bhon RAF gan ullachadh airson euslaintich Eileanach leis a' Choròna-Bhìoras orra a thoirt dhan ospadal air tìr-mòr nam biodh sin a dhìth. Dh'innis Rùnaire na Slàinte an-dè gum biodh podaichean sònraichte gan cleachdadh airson euslaintich a ghiùlain am broinn itealan gus iad fhèin agus daoine eile a dhìon. Tha Loganair air aon phlèana atharrachadh mar thà airson pod Epishuttle a ghabhail, agus tha iad ag obair air plèana eile cuideachd.

Tha buidheann iomairt air dragh a thogail nach eil euslaintich ann an Ospadal Inntinn New Craigs ann an Inbhir Nis air an dìon mar a bu chòir bhon Choròna-Bhìoras. Tha MeToo Highland ag ràdh nach eil rùm gu leòr aig na h-euslaintich a th' ann airson astar a chumail bho chèile. Chan eil NHS na Gàidhealtachd air càil a ràdh mun t-suidheachadh fhathast.