Cùmhnant 'son an MV Glen Sannox ath-dhealbhachadh

Chaidh cùmhnant airson ath-dhealbhachadh a dhèanamh air a' bhàta-aiseig an MV Glen Sannox a thoirt do chompanaidh a tha stèidhichte ann an Eilean Mhanainn.

Tha dùil gu bheil an cùmhnant aig International Contract Engineering luach cha mhòr a dhà gu leth millean Euro.

Ach tha seo air ceistean a thogail mu na planaichean a th' ann airson an dàrna soitheach a thathas a' togail airson na slighe eadar na Hearadh, Uibhist a Tuath agus an t-Eilean Sgitheanach.

Tha tuilleadh aig Alasdair Mac'illInnein..