Naidheachdan 11:00m

Chuir Rùnaire na Còmhdhail, Grant Shapps, dìon air an dòigh sa bheil na Poilis a' cur an sàs nan riaghailtean agus casg le sgapadh a' Choròna-Bhìorais. Thuirt e gu bheil iad anns an fharsainneachd a' dèanamh deagh obair ann an suidheachadh doirbh. Chaidh iarraidh air feachdan poilis a bhith cothromach air feadh na dùthcha.

Tha rannsachadh ùr ag ràdh gun deach cha mhòr £2bn a bharrachd a chosg anns na bùthainnean anns na ceithir seachdainnean gu meadhan na mìos seo, na chaidh a chosg aig an aon àm an-uiridh. Chaidh 84% a bharrachd de bhiadh reòthta a reic air an t-seachdain an dèidh innse gum biodh bùthainnean agus taighean-bìdhe a' dùnadh.

Tha Menzies, a' chompanaidh a tha a' ruith sheirbheisean agus ghoireasan aig na puirt-adhair, ag ràdh gum faodadh iad a dhol fodha an taobh a-staigh cola-deug mura toir an Riaghaltas taic dhaibh le èiginn a' Choròna-Bhìorais. Tha Menzies, aig a bheil 25,000 duine ag obair air feadh Bhreatainn, ag iarraidh faochaidh airson ùine bho chìsean gnothachais agus àrachas nàiseanta.

Agus chuir British Airways stad air a h-uile seirbheis aca aig Port-Adhair Gatwick leis nach eil mòran iarrtais ann. Tha iad a' ruith seirbheis nas lugha à Heathrow do dh'fheadhainn a tha glacte thall-thairis agus a tha fhathast a' feuchainn ri tilleadh a Bhreatainn.

Thuirt fear a tha os cionn charthannas aillse gu bheil e a' tuigsinn carson a tha Riaghaltas na h-Alba a' cur stad airson ùine air sgrùdadh airson aillse. Cha bhi sgrùdadh ann a' chiad ghreis airson aillse broillich, caolain no muinneal na machlaig gus an gabh goireasan an NHS saoradh airson èiginn a' Choròna-Bhìorais. Thuirt Rob Moireach, àrd-oifigeach Taic Aillse na h-Alba, gum bu chòir do dhuine air a bheil dragh sam bith mu shlàinte fios a chur air an dotair aca.

Aon naidheachd eile, 's tha NHS na Gàidhealtachd a' deasbad plana an-diugh airson taic agus airgead-dìolaidh do dh'fheadhainn a dh'fhulaing burraidheachd anns an t-seirbheis. Am measg na tha iad a' moladh, tha leisgeul agus mathanas iarraidh, lèigheas saic-eòlaiche ma tha sin a dhìth, agus aonta airgid cho mòr ri £95,000 anns na cùisean as miosa.