Taic-airgid do dhaoine a tha a' cur àitean-fuirich a-mach air màl

Bidh taic-airgid, suas ri £25,000, ann do dh'fheadhainn a tha a' toirt àite-fuirich air màl do luchd-turais agus tha a' fulaing le buaidh a' bhìorais.

Ach tha dragh air comann a tha a' riochdachadh a' ghnìomhachais sin, nach bi e furasta do dhaoine an taic sin fhaighinn.

Tha Alasdair MacLeòid ag aithris.