Stuth-glanaidh làimhe

Tha taighean-staile anns na h-Eileanan air a' chiad luchd de stuth-glanaidh làimhe a chur a-mach.

Tha iad air sgur a tharraing uisge-bheatha, 's air tòiseachadh air an stuth-glanaidh a dhèanamh mar phàirt den t-strì an aghaidh a' Choròna-Bhìorais.

Am measg nan taighean-staile a th' air seo a dhèanamh tha Taigh-Staile Uibhist a Tuath.

Seo Shona NicDhòmhnaill.