Foghlam aig an taigh

Thòisich sgoilearan air feadh na h-Alba an-diugh ag ionnsachadh bho na dachaighean aca. B' e seo a' chiad là a bha na sgoiltean air fad dùinte, ach a-mhàin do chloinn so-leònta agus clann aig a bheil pàrantan le dreuchdan fìor chudromach. Thuirt Nicola Sturgeon an t-seachdain a chaidh gur dòcha nach till na sgoiltean gu às deidh saor-làithean an t-samhraidh. Seo Fionnlagh Cunniffe ...