Buaidh air bainnsean

Tha cuid de chàraidean a bha an dùil pòsadh sna beagan sheachdainnean a tha romhainn a' dèiligeadh ris na h-uimhir de mhì-chinnt mun là mòr aca.

Tha cuid air an cur dheth cheanna air sgàth dhraghan mu shàbhailteachd dhaoine.

Agus, mar thoradh air sin, tha gnìomhachas nam bainnsean a' fulaing mar a tha Shona Nic a' Phiocair a-nis ag aithris.