Tuilleadh cheistean mu bhàtaichean Chal Mac

Chaidh riochdairean bho buidhean Còmhdhail Alba às àicheadh gun robh dad coirbte neo mi-iomachaidh mu'n doigh anns an deach dà bhàta-aiseig a' sholacharachadh do Chaladonian Mac a' Bhruthainn.

Bha iad a' freagairt cheistean aig Comataidh nan Cùisean Dùthchail, a tha a' rannsachadh am proiseas agus na clàran ama airson a bhi ag òrdachadh aiseigean ùra.

Cuideachd Diciadain, chaidh riochdairean Chal-Mac às àicheadh aithrisean nach eil iad ag iarraidh na bàtaichean a tha gan togail dhaibh aig Gàradh MhicFhearghuis.

Tha'n aithris seo aig an fhear naidheachd phoileataiceach againn, Mìcheal MacNèil.

Air fhoillseachadh