Duais ùr luach còig mìle not

Dh'fhoillsich a' chompanaidh telebhisean Young Films duais ùr luach còig mìle not Diciadain.

Thèid an duais - a tha ga stèidheachadh ann an co-bhann ri Taigh Staile Thòrabhaig - a bhuileachadh air an sgriobt as fheàrr a gheibh iad bho dhaoine a chaidh tro'n sgeama mhuinntearais aca san Eilean Sgiathnach.

Chuala Innes Rothach tuilleadh bho Sandra NicRàth bho Young Films.

Air fhoillseachadh