Ceum air adhart do 'Hub' Bharraigh

Ghabh pròiseact airson goireasan ospadail, cùram, foghlaim agus coimhearsnachd a' thogail air an aon làrach ann am Barraigh ceum air adhart Diciadain.

Dh'aontaich comhairlichean toiseach toiseachaidh a' dhèanamh air bhi a' dealbhachadh modhan stiùiridh a' phròiseact, agus airson molaidhean a thaobh cruth an leasachaidh a chuir gu Riaghaltas na h-Alba ro thoiseach a' Cheitein.

Ged a tha gearrainean ann am Barraigh mu na th'anns an amhairc, tha comhairliche na sgire de'n bheachd gur e dìth-fiosrachaidh a tha a' fàgail daoine an-fhoiseal.

Tha tuileadh aig Aonghas Domhnullach.

Air fhoillseachadh