Sùil air adhart gu Là Eadar-nàiseanta nam Ban
'S e "Gach aon airson co-ionnanachd" an teachdaireachd a bhios aig Là Eadar-nàiseanta nam Ban a thèid a chumail Didòmhnaich.
Anns na bliadhnaichean bhon a chaidh i an sàs ann an gnothaichean coimhearsnachd ann am Barraigh, tha Betty Nic an t-Saoir den bheachd gun tainig piseach air cothroman bhoireannach aig gach ìre.
Ach tha i cuideachd den bharail gu bheil tuilleadh ri dhèanamh.