"Cnap-sgudail" ann am muc-mhara
Chaidh "cnap-sgudail" anns an robh 100cg de chuideam fhaighinn ann an stamag muc-mhara spùtaich a bhàsaich sna Hearadh.
Bha lìn-iasgaich, ròpan, bannan-pasgaidh, pocanan agus cupanan plastaig am measg na fhuaireadh na chnap am broinn a' bheathaich a lorgadh air Tràigh Sheileboist Diardaoin.
Tha eòlaichean ag ràdh nach eil e follaiseach aig an ìre seo an e an trealaich seo a bu choireach ri bàs na muice-mara.
Tha Ruairidh Rothach ag aithris.