Manifesto nan Làbarach

Dh'fhoillsich am Pàrtaidh Làbarach am manifesto aca an-diugh le gealladh gun tèid gnothachasan deatamach, mar chumhachd, uisge, agus còmhdhail, a thoirt air ais fo shealbh na stàite.

A' bruidhinn ann am Birmingham, thuirt Jeremy Corbyn gun togadh iad ceud mìle taigh comhairle ann an Sasann, agus gun deidheadh ath-chruthachadh uaine a dhèanamh air gnìomhachas.