Dùnadh a' Mhargaidh Bhictòrianaich

Dh'aontaich comhairlichean an-diugh ri plana connspaideach airson margaidh eachdraidheil ann an Inbhir Nis a dhùnadh airson suas ri bliadhna.

Chaidh innse do luchd-malairt anns a' Mhargaidh Bhictòrianach gum bi aca ri gluasad a-mach fhad 's a tha leasachadh mòr ga dhèanamh air an togalach ann am meadhan a' bhaile.

Tha eagal ann ge-tà gun cuir sin cuid de na gnothachasan à bith - a dh'aindeoin airgead dìolaidh bho Chomhairle na Gàidhealtachd.