Sùil air Mion-Chànain: Gàidhlig Mhanainn

'S ann a dh'Eilean Mhanainn a tha sinn a dol an-diugh san t-sreath againn air mion-chànain na Rìoghachd Aonaichte.

Chaochail an duine mu dheireadh aig an robh Gàidhlig Mhanainn bho thùs anns na seachdadan.

Ach an-diugh tha sgoil air an eilean a' teagasg tro mheadhan a' chànain - ma dh'fhaoidte a' chiad uair a thachair an leithid do chànan Eòrpach.